Rìbhinn Donn

Runrig

O mo rùn
Tha an oidhche gheamhraidh reòite 's fuar
Na bliadhnaichean dol bhuainn
Is bhon chiad là gheall mi dhut
Chuir sinn seachad cuairt am bliadhn'
Is gach uile gheamhraidh anns a' bhlàths
A chailin òg dhan tug mi luaidh
Aon earrach ùr

O mo rùn
Tha an là a th' ann cho truagh ri gaol
Gann tha 'n cridhe nach diùlt
Is a' bhòid a mhaireas buan
O òigh, àlainn, chiùin
Cò eil' air thalamh ghabhadh t-àit'
Gun siùbhlainn leat gu cùl na grèin'
'S gu crìoch là

Mo rìbhinn òg
Mo rìbhinn donn
Gun siùbhlainn leat gu cùl na grèin'
Is gu crìoch là

O mo rùn
Tha mi mar as àbhaist 's mi nam aon
Na mo shuidhe sgrìobhadh dhàn
'S e seo dòigh mo dhaoin'
Is molaidh mi do chliù
Le òran ceangailt' anns an nòs
'S ged sheasainn air gach uile reul
Bhiodh tu os cionn

Mo rìbhinn òg
Mo rìbhinn donn
'S ged sheasainn air gach uile reul
Bhiodh tu os cionn
Mo rìbhinn òg
Mo rìbhinn donn
'S ged sheasainn air gach uile reul
Bhiodh tu os cionn


Comentários

Envie dúvidas, explicações e curiosidades sobre a letra

0 / 500

Faça parte  dessa comunidade 

Tire dúvidas sobre idiomas, interaja com outros fãs de Runrig e vá além da letra da música.

Conheça o Letras Academy

Enviar para a central de dúvidas?

Dúvidas enviadas podem receber respostas de professores e alunos da plataforma.

Fixe este conteúdo com a aula:

0 / 500

Opções de seleção